Thòisich an Àrd-Eaglais Shaor air cruinneachadh anns a’ Ghiblean 2014. Bha e soilleir gun robh cridhe aonaichte agus ùrnaigheach am measg an t-sluaigh gus gluasad air adhart. A’ sireadh comhairle agus stiùir Dhè anns gach nì a nì sinn, a’ toirt taing do Dhia air beannachdan roimhe agus a-nis a’ coimhead air ùghdar agus fear‑crìochnachaidh ar creideimh, Ìosa Crìosd.

Is e co-thional le buill de gach aois a th’ annainn, tha sinn a’ creidsinn ann am Facal Dhè agus a’ feuchainn ri bhith beò ann an teagasg an Fhacail gach latha. Thòisich sinn mar phàirt de Eaglais Shaor na h-Alba anns an Dàmhair 2014. Tha measgachadh ann anns an stoidhle adhraidh againn eadar adhradh traidiseanta agus co-aimsireil. An urra ri gràs Dhè, feuchaidh sinn ri teachdaireachd soisgeul Ìosa Chrìosd a sgaoileadh do dhaoine eile agus deisciobail a dhèanamh às an fheadhainn a tha dìleas Dha, tro theagasg agus ionnsachadh facal Dhè agus tro ùrnaigh.

Na Chreideas Sinn

Tha Àrd-Eaglais Shaor Steòrnabhaigh na co-thional ann an Eaglais Shaor na h-Alba, a’ bhuidheann Shoisgeulach Chlèireach as motha ann an Alba le iomadh gealltanas dha misean thall thairis.
Tha na creideamhan againn stèidhichte air Facal Dhè, tha sinn a’ creidsinn gu bheil teagasg a’ Bhìobaill air an giorrachadh ann an Aidmheil-chreideimh Westminster. Bidh seo a’ toirt soilleireachadh agus ministearan agus eildearan agus deucaoin a’ gabhail ri mòr-theagasgan a’ Bhìobaill.
We believe God made all things for His own glory. Man was made ‘to glorify God and enjoy him forever’.
Jesus Christ is the fulfillment of the Old Testament promises and the focus of the whole Bible. He is the one offered as the sacrifice for sin that can heal our broken relationship with God by taking our sins as we seek him in repentance and forgiveness.