Gus seo a leughadh ann am Beurla cliog an seo

Dha na h-atharrachaidhean air sgàth COVID-19 coimhead air duilleag nan gnìomhan!

Fàilte

‘S e co-thional càirdeil a tha san Àrd-Eaglais Shaoir le àrainneachd bhlàth mar theaghlach. Tha fàilte mhòr an-còmhnaidh air luchd-tadhail dha na seirbhisean againn agus gach tachartas eile san eaglais.

Tha seirbhisean Gàidhlig agus Beurla againn. San t-seirbheis Bheurla cleachdaidh sinn adhradh le ceòl agus gun cheòl a’ gabhail a-steach laoidhean agus sailm.

Aig coinneamhan tron t-seachdain tha ùine ann dha ùrnaigh agus an uair sin teachdaireachd bho Fhacal Dhè. Air uairean bidh luchd-bruidhinn a’ tadhal oirnn bho dhiofar bhuidhnean miseanaraidh, tòrr dhiubh a gheibh taic bhon cho-thional.

Bidh na seirbhisean againn gan cumail ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh aig 11:00m agus 6:30f. Tha sgoil-Shàbaid bheòthail againn dha clann eadar Bun-sgoil 1 (BS1) agus Àrd-sgoil 3 (ÀS3) agus sgoil-altraim (crèche) cuideachd agus coinnichidh na dhà aig an aon àm ri seirbheis na maidne.

Bidh na coinneamhan againn gan cumail san Ionad Fàilte, Ceann a’ Bhàigh. Bidh coinneamhan ùrnaigh Beurla ann gach Dimàirt is Disathairne agus coinneamhan ùrnaigh Gàidhlig gach Diardaoin. ‘S ann aig 7:30f a bhios iad a’ tòiseachadh.

Tha buidheann Boireannaich airson Misein, buidheann ùrnaigh nam ban, oidhcheannan òigridh, buidheann ‘Copan is Cèilidh’ (buidheann 55+) aig an eaglais, agus cruinneachaidhean an dèidh na h-eaglaise, a choinnicheas tric. Tha fiosrachadh ri fhaighinn orrasan, agus air coinneamhan eile, air na bileagan againn agus air duilleag Facebook.

Rann na Seachdain

May the Lord direct your hearts to the love of God
and to the steadfastness of Christ.
2 Thessalonians 3:5

Image may contain: text

More Coming Events

  • No Upcoming Events Found

Latest News

  • Donate via PayPal

    To donate via Paypal please click the button which can be found on our homepage.  All donations will be paid directly into the Church Building Fund account. You can set this up to be a monthly recurring payment if you wish.